EILEAN Ì

Còraichean a’ Chrùin


Còraichean a’ Chrùin
Tha susbaint an làraich-lìn seo fo dhìon Chòraichean a’ Chrùin mura faicear an caochladh. Faodar a nochdadh a-rithist gun chosgais ann an meadhan no cruth sam bith, ma tha e an lùib rannsachadh, ionnsachadh pearsanta no ma thathar ga cleachdadh taobh a-staigh buidheann. Tha seo ceadaichte cho fad ’s thathar ag ath-nochdadh na susbaint gu neo-mhearachdach agus nach eil i air a cleachdadh ann an dòigh mheallta.

Nuair a tha nithean fo dhìon Chòraichean a’ Chrùin air an làrach seo gu bhith air an ath-fhoillseachadh no air an copaigeadh le daoine eile ann am meadhanan eile, feumar comharrachadh càite an d’ fhuaras iad agus dè na còraichean a tha gan dìon. Airson fiosrachadh mu bhith a’ cleachdadh na susbaint seo ann an dòigh sam bith eile, faodaidh sibh cur a-steach airson Cead ‘Briog-Cleachd’ (no ‘Click-Use’) tron làrach-lìn aig Oifis Fiosrachadh na Roinne Poblaich (OPSI), no le bhith a’ sgrìobhadh gu OPSI aig an Roinn Cheadachaidh, Taigh Naomh Clements, 2-16 Colegate, Norwich NR3 1BQ Facs: 01603 723000 no post-d: Ceadan OPSI.

Chan eil an cead gus susbaint fo dhìon Chòraichean a’ Chrùin ath-nochdadh a’ ciallachadh gum faodar susbaint air an làrach-lìn fo chòraichean dhaoine eile ath-nochdadh, an seòrsa suidheachaidh a gheibhear le cuid a dhealbhan-camara. Feumar cead fhaighinn bho na daoine leis a bheil na còraichean mus nochdar an t-susbaint sin a-rithist. Faodar dèanamh cinnteach à còraichean dhealbhan le bhith a’ cur fios gu Sgioba Ìomhaighean Alba Aosmhor.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu phoileasaidhean agus ceadan co-cheangailte ri Còraichean a’ Chrùin, faicibh an stiùireadh air www.opsi.gov.uk


Ìomhaighean Alba Aosmhor
Ma thathar ag iarraidh dealbh-camara bhon làrach-lìn ath-nochdadh, feumar leth-bhreac fhaighinn bho Ìomhaighean Alba Aosmhor. Airson fios mu chùmhnantan & riaghailtean airson a bhith ag ath-nochdadh dhealbhan, faicibh www.historicscotlandimages.gov.uk.

Ma thèid dealbh ath-nochdadh gun chead, no gun aithne cheart, no ma thèid na còraichean a bhristeadh ann an dòigh sam bith eile, feumar càin de £100 co-dhiù a phàigheadh do dh’Ìomhaighean Alba Aosmhor, a thuilleadh air sùim sam bith eile a dh’fheumar pàigheadh Ma tha am briseadh chòraichean airidh air a thoirt gu cùirt, ’s dòcha gun dèan Alba Aosmhor sin.

Fios gu Ìomhaighean Alba Aosmhor:

Fòn: 0131 668 8647/8785
Post-d: hs.images@scotland.gsi.gov.uk
Seòladh: Image Library, Historic Scotland/Alba Aosmhor, Longmore House, Salisbury Place, Edinburgh, EH9 1SH
Làrach-lìn: www.historicscotlandimages.gov.uk